Baile a' Chaolais

Baile a' Chaolais

'S e baile ann an sgìre na h-Apainn air a’ Ghàidhealtachd a tha ann am Baile a' Chaolais (Beurla: Ballachulish). Tha am baile suidhichte air ceann Loch Lìobhainn faisg air a' mhòr-rathaid A82. Tha e faisg air caolas ris an canar Caolas MhicPhàdraig. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 40′ 31.18″ Tuath agus 5° 8′ 4.12″ Iar.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 615 duine a' fuireach an seo. [1]

Bho thùs bha trì bailtean ann: Baile a’ Chaolais, Baile a’ Chaolais a Tuath a tha suidhichte air ceann tuath Loch Lìobhainn agus Baile a’ Chaolais a Deas a tha mu 3 mìltean air àird an iar Baile a’ Chaolais. Tha Gleann a' Chaolais, clachan beag, faisg air Baile a' Chaolais.

Cha robh sràid ann gu ceann Loch Lìobhainn gus an deach rathad a thogail ann an 1927. Roimhe sin bha aiseag ann a bha gu math cudromach airson dòigh-bheatha. Thòisich an aiseag a' ruith ann an 1733 agus stad i ann an 1975 nuair a bha Drochaid Bhaile a' Chaolais deiseil.

Tha an drochaid suidhichte eadar Baile a' Chaolais fhèin agus Baile a' Chaolais a Deas aig Caolas MhicPhàdraig. Tha e a' leantainn gu Baile a' Chaolais a Tuath air an taobh eile Loch Lìobhainn.

Bha Baile a' Chaolais ainmeil airson nan creagan-sglèata ann. Bha iad a' rèic na sglèatan air feadh na dùthcha agus ann an Èirinn cuideachd. [2] An-diugh 's e turasachd an gnìomhachas as cudromaiche anns a' bhaile.

Tha clach-chuimhneachan Seumas a' Ghlinne (James Stewart) ann faisg air Drochaid Bhaile a' Chaolais. Chaidh Seumas a chrochadh an seo anns an 8 an t-Sultain 1752, ged a thuirt e nach do rinn e am muirt. Gus na làithean an-diugh chan eilear cinnteach cò rinn Murt na h-Apann. Chleachd Robert Louis Stevenson an tachartas ud anns an nobhail ainmeil Kidnapped aige.

Tha sgioba iomain aige, faic: Baile a' Chaolais (Iomain).

  1. Scotland's Census Result OnLine[dead link]
  2. Mac an t-Saoir, D. (1994) 'Latha Eile am Baile Chaolais' ann an Gairm Àir. 166 Earrach 1994, dd.107-109.

Developed by StudentB